Prògram 1

week 1

Tha Anne an tèis mheadhan am breith nan uan -- 's e obair chruaidh a th' ann agus tha i air a' cumail a' dol le bhith a' toirt taic an uair a tha na h-uain gam breith agus cuideachd a' cur uan gun mhàthair gu màthair ùr.

Thall ann an Uibhist a Tuath, tha Dòmhnall Thormoid a' sealltainn an treud de chrodh Simmental dhuinn agus tha e cuideachd a' bruidhinn mun phròiseact eadar-mheasgte aige, a' ciallachadh gum b' urrainn dha taigh-samhraidh a thogail air a' chroit airson seusan nan luchd-turais.

Tha Derek agus Caty ann an Toscaig a' bruidhinn mu dheidhinn an stoidhle croitearachd a th' acasan nach eil idir traidiseanta agus tha iad a' ceannach cearcan Rhode Island Red.

Aig a' cheart àm, tha Dòmhnall agus Calina a' treabhadh na talmhainn airson buntàta a' chur agus thathas a' bruidhinn mu dheidhinn an ath-bheothachadh de ghàirnealachd air an Eilean Sgitheanach.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS