Prògram 10

week 10

Tha Dòmhnall Thormoid ag obair a' cur an àirde feansaichean ann an Uibhist a Tuath airson croitear eile. Air an tac aige fhèin, tha an tarbh Charolais còmhla ris a' chrodh agus tha Dòmhnall Thormoid a' bruidhinn mu dheidhinn mar a tha cosgaisean a' sìor fhàs airson a' chruidh a bhiadhadh.

Tha Dòmhnall agus Calina a' coimhead as dèidh trì uain a tha air ùr bhreith agus ann an Toscaig, tha an droch shìde ag adhbharachadh duilgheadasan airson Derek agus an talamh aige na bhoglach air sgàth uisge trom.

Agus ann an Leòdhas, tha Anne trang le àm breith nan uan agus ged a tha i air feadhainn a chall, tha aon chaora a' toirt adhbhar toileachais dhi -- caora Swaledale le trì uain.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS