Prògram 11

week 11

Tha Derek a' dèanamh adhartas leis an obair chloiche aige. Agus aig a' cheart àm, tha àm breith nan uan trang dha Dòmhnall Thormoid -- tha obair chruaidh aige a' coimhead airson uan a th' air ùr bhreith a tha air a dhol air chall, agus nas fhaide air adhart, tha e a' cur uan gun mhàthair gu màthair ùr.

Tha Dòmhnall a' gabhail turas gu tìr mòr gus sùil a thoirt air mar a tha an crodh aige a' faighinn air adhart, oir 's ann an sin a thathas air a bhith gan geamhrachadh. An sin, tha Dòmhnall a' toirt sùil air a' chrodh Limousin a chaidh àrach leis an duine a bha a' coimhead as dèidh na beathaichean aige airson a' gheamhradh.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS