Episode 12

week 12

Cha mhòr nach eil àm breith nan uan seachad dha Anne agus tha i a' cunntadh còrr is ceud uan.

Tha Dòmhnall Thormoid a' tòiseachadh air an treabhadh agus a' mìneachadh mar a tha e a' sgaoileadh an arbhair le fras feòir agus ag ainmeachadh nam buannachdan a tha an lùib seo.

Cha mhòr nach eil Derek deiseil dhen obair chloiche agus tha cùisean a' coimhead math, agus, tha Anna a' coimhead air adhart agus a' bruidhinn mu dheidhinn nan cothroman a dh' fhaodadh a bhith ann leis a' choimhearsnachd a' faighinn na talmhainn air ais bho chionn ghoirid.

Mar bhuidheann, tha na croitearan a' coimhead air ais air a' bhliadhna a chaidh seachad agus a' meòrachadh air an àm ri teachd airson a' ghnìomhachais.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS