Prògram 4

week 4

Tha beothalachd an t-samhraidh air a mhilleadh le naidheachd gu bheil an Galar Roilleach ann an Sasainn -- tha Anne, Dòmhnall agus Calina a' beachdachadh air a' bhuaidh mharbhteach a dh' fhaodadh a bhith aig a' ghalar anns an dùthaich le fèilltean reic gan cuir dheth agus bacadh ga chur air stoc a ghluasad.

Aig a' cheart àm, tha Anna a' tadhal air aon de na croitean a th' aice anns na Hearadh, far a bheil dà bhò leatha-se a' feurachadh -- tha i a' bruidhinn mu dheidhinn nam buannachdan a tha an lùib an Sgeama Stiùiridh Sgìrean Dhùthchail anns a bheil i an sàs agus na leasachaidhean a tha i air a dhèanamh air an talamh croitearachd aice.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS