Prògram 5

Tha Anne agus Dòmhnall a' reic nan uan ann an teis mheadhan suidheachadh èiginneach a' Ghalair Roillich agus tha prìsean gu math ìosal.
Tha am fèill reic ann am Port Righ na bhriseadh dùil dha Dòmhnall, agus ann an Leòdhas, tha na prìsean ìosal a' toirt air Anne a bhith smaoineachadh air an àm ri teachd do chroitearachd agus dè cho fad 's a 's urrainn dhi a bhith a' cumail nan caorach.
Thall anns a' Chomraich, tha Derek, an aon chroitear aig nach robh trioblaidean sam bith leis a' Ghalar Roilleach, a' meòrachadh air a' cho-dhùnadh a rinn e gun stoc sam bith a chumail agus cuideachd air na cnapan starra a tha a' tighinn an aghaidh an teaghlaich a dh' aindeoin sin.













