Prògram 9

week 9

Tha Anne a' sgrùdadh nan caorach a dh' fhaicinn a bheil uain gu bhith aca -- tha i an dòchas gu bheil paidhir gu bhith aig àireamh mhòr de na caoraich aice agus bithear a' toirt prìomhachas do na caoraich sin an uair thoisicheas i gam biadhachadh.

Anns an Eilean Sgitheanach, tha caoraich Suffolk le Dòmhnall agus Calina mar tha a' breith, leis an fheadhainn a th' air ùr bhreith feumach air cobhair air sgàth an t-sìde fhuar.

Tha Derek a' tòiseachadh air obair chloiche agus tha Anna a' sgrùdadh nam polytunnels air croit ann an Leòdhas, agus beachd aice feadhainn coltach riutha a steidheachadh air an talamh a fhuair a' choimhearsnachd aice fhèin bho chionn ghoirid.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS