Beachd: An t-Sultain
Seo an t-àm dhen a' bhliadhna an uair a chì croitearan toraidhean obair an dusan mìos a chaidh seachad – tha seusan nam fèilltean reic ann agus tha mi a' creidsinn gu bheil a h-uile croitear a' coimhead air adhart ri pàigheadh math fhaighinn. Gu dearbha, chuireadh iad fàilte air a leithid, oir tha na cuimhneachain air na duilgheadasan a dh' adhbharaich an galar roilleach an-uiridh fhathast ann an cuimhne nan croitearan. Tha e nas miosa buileach agus iongantach gur ann an obair-lann an riaghaltais a fhuair iad lorg air a' ghalar.
Tha prìsean crodh agus caoraich gu cinnteach nas fheàrr, ach feumar a ràdh, chan eil iad a' cumail an àirde ri cosgaisean connaidh, todhair agus gràin a tha a' sìor fhàs. Chan e obair fhurasta a th' ann an croitearachd agus tha duilgheadasan a' nochdadh uair is uair.
An dùil dè shaoileadh na bodaich dheth – cliopaichean dùbailte an àite na cliopaichean cluais air am biodh iad a' bruidhinn ann an iomadach taigh cèilidh. Agus, le còmhradh mu dheidhinn comharran-aithneachaidh eileagtronaigeach agus leughadairean còd-loidhne do chaoraich a' nochdadh as ùr, tha cùisean a' fàs nas dorra do chroitearan agus do thuathanaich.
Ach, tha an gnìomhachas Albannach fhathast a' sabaid an aghaidh comharran-aithneachaidh eileagtronaigeach còmhla ri na Frangaich agus na h-Èireannaich a th' anns an aon seòrsa obrach. Thathar an dòchas nach bi comharran-aithneachaidh eileagtronaigeach air an dèanamh riatanach airson caoraich Albannach oir tha an t-siostam a th' ann an dràsta seasmhach gu leòr.
Tha sinn a-nis ag ionnsachadh gum bi Alba airson gun tig banachdach a tha an aghaidh a' ghalair Blue Tongue air an 1mh Samhain 2008. Tha an dòigh-obrach a thathas a' cleachdadh airson banachdach rudeigin duilich agus feumar foirmichean eadar-dhealaichte a lìonadh gus leigeil fhaicinn dhan lighiche sprèidh dè an àireamh de bheathaichean a tha a' faighinn banachdach. Innsidh Bunait Croitearachd na h-Alba mu dheidhinn nan dòighean obrach a thathas a' cleachdadh airson banachdach.
Air a' mhìos seo, chaidh mi gu tachartas bidhe ionadail, far an robh tòrr luchd-labhairt eadar-dhealaichte, a h-uile duine a' brosnachadh biadh ionadail agus chòrd e rium gu mòr. A bharrachd air na h-òraidean bha bùithtean obrach air an cumail air cuspairean leithid a bhith ‘A' reic ris an Ùghdarras Ionadail agus Bòrd na Slàinte'. Bha an cuspair seo gu sònraichte inntinneach, oir an dràsta tha sgeama paidhleat ag obrachadh, far a bheil feòil ionadail agus bathar tuathanas gàrraidh ga thoirt gu Comhairle nan Eilean Siar. Chun na h-ìre seo, tha cùisean gu math misneachail. Tha na buidhnean riochdachaidh a tha an làthair aig an tachartas a tha seo uile gu math trang a' tort stuth gu mòr-bhùth agus làrach-lìn cuide ri margaidean sràide. Chaidh am biadh aig an tachartas seo fhàs gu h-ionadail agus bha e sgoinneil.
'S ann ann am Barraigh a bu chòir dhan h-uile duine a bhith bho Diluain 6mh den Dàmhair an uair a tha Bunait Croitearachd na h-Alba a' cumail a' cho-labhairt bhliadhnail aca, leis an tiotal ‘Croitearachd – A' toirt seachad a' Bhathair' A-measg nan tachartasan air a' phrògram, thathas a' cur air bhog, Comharra Croitearachd na h-Alba. Bidh an comharra seo a' sònrachadh gun deach an stuth a chruthachadh air a' chroit, no air fearann àiteachais air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ann an Alba; agus gu bheil a' bhuidheann riochdachaidh mar phàirt de Bhunait Chroitearachd na h-Alba, agus gu bheilear a' coinneachadh ri ìrean choitcheann de mhathas, slàinte agus fallaineachd nam beathaichean, slàinteachas agus gu bheil e furasta gu leòr dèanamh a-mach cò as a thàinig am bathar. Leigidh seo do chroitearan comharra croitearachd a chur air an stuth-sgrìobhaidh agus am bathar aca, airson breabadairachd, saorsainneachd, gàrradaireachd, turasachd, feòil no iomairt croitearachd sam bith eile. Tha dòighean obrach an SCF le luchd-eòlais margaideachd thar an dà bhliadhna a chaidh seachad a' toirt misneachd dhuinn gun toir an comharra seo barrachd luach dhan stuth agus gum bi e nas fhasa aithneachadh cò as a thàinig e.
Seo feadhainn de na rudan a 's fheàrr a tha a' tachairt aig co-labhairt an SCF am bliadhna:
Dimairt 7mh Dàmhair 2008
A' cur air bhog ‘Comharra Croitearachd na h-Alba'
Diciadain 8mh Dàmhair 2008
Mark Shucksmith: An Rannsachadh – Bun-fhiosrachaidh goirid
Òraid le Ministear a' Chroitearachd – Micheal Russell BPA
Tha lorgan an rannsachaidh a chaidh a dhèanamh air croitearachd air a stiùireadh le Mark Shucksmith a' dol a dh' adhbharachadh còmhradh aig cò-labhairt an SCF am bliadhna. Tha an SCF air lorgan nam ball air aithisg Shucksmith a thoirt seachad gu Micheal Russell. (Ministear na h-Àrainneachd) Chan eil iad air mòran ùidh a shealltainn ann am molaidhean na h-aithisg agus thathas air seo innse don mhinistear. Ach, tha mise fhathast cinnteach gu bheil an rannsachadh air a bhith gu math feumail ann a bhith ag adhbharachadh deasbad air croitearachd. Ma tha rùn poilitigeach ann, 's urrainn dhuinn dòigh-beatha bheothail a chumail a' dol a chuireas stad air sluagh a' fàgail agus a tharraingeas daoine òga gu na coimhearsnachdan ionadail againn. Thairis air na mìosan a tha romhainn anns an litir seo, cumaidh mi fiosrachadh ruibh mu dheidhinn diofar chuspairean a' gabhail a-steach cunntasan air na fèilltean reic agus na prìsean as ùire, na tachartasan as ùire agus na daoine a tha a' dèanamh croitearachd tarraingeach.

