sheep

Mu Dheidhinn na Sreatha

Tha Croit a' leantainn beatha còig chroitearan Albannach thairis air dusan mìos. Tha an t-sreath a' sealltainn na h-obrach a tha iad a' dèanamh, na h-amasan a th' aca agus na cunnartan a tha an lùib a bhith ag obair gu làitheil air a' chroit.

Tha croit a' sealltainn iomadach stoidhle croitearachd le caractaran làidir agus inntinneach. Thathas a' clàradh a h-uile nì bhon treabhadh as t-Earrach, àm cuir agus na h-uain gam breith, àm bearraidh tron t-samhradh agus fèilltean àiteachais agus fèilltean-reic an fhoghair.

Tha Croit a' sealltainn cho dùilich 's a tha cùisean, bhon eagal agus an iomagain a th' orra aig àm èiginneach, gu bhith a' soirbheachadh aig fèilltean àiteachais agus làithean reic. Tha an t-sreath a' toirt dhuinn blas air a' ghàirdeachas a tha co-cheangailte ri bhith ag obair a-muigh, a bhith ag àiteach fearann agus a bhith a' cumail bheathaichean, agus aig a' cheart àm, a' sealltainn an obair dhuilich agus an sgìths a tha an lùib an dòigh beatha a tha sin. 'S e dealbh dòchasach a th' ann de dhòigh beatha a tha mar as trice ceangailte ri fàilligeadh agus a thathas am beachd a tha a' dol à bith.

Na Croitearan

Na Prògraman

Brùth air dealbh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu gach seachdain.

Beachd

Niall MacLeòid Bidh croitear à Leòdhas, Niall MacLeòid, a' sgrìobhadh a bheachdan gach mìos air na nithean a tha a' toirt buaidh air croitearan air feadh Alba. 'S e Niall MacLeòid, fear-cathrach Bunait Croitearachd na h-Alba, ball dhen comataidh stiùiridh teicnigeach aig Quality Meat Scotland agus Comhairle Leasachaidh Dùthchail na h-Alba. A bharrachd air an sin, 's e croitear a th' ann, a tha a' cumail dubh-cheannaich agus caoraich Cheviot. Tha fiosrachadh aig Niall mu dheidhinn nan naidheachdan as ùire a tha a' nochdadh a thaobh croitearan agus bidh e a' toirt giorrachadh dhuinn air na prìomh leasachaidhean an seo thairis air na mìosan a tha romhainn.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS