
Anna Fhriseil
'S e Anna Fhriseil à Calanais air Taobh Siar Leòdhais, aon de na croitearan as òige a th' anns an t-sreath. Tha Anna a' coimhead as dèidh trì de na beathaichean mairt aice agus tha i an sàs ann an iomadach sgeama a th' air a dhealbhadh gus am faigh i air leasachadh a dhèanamh air an talamh croitearachd aice.
Tha Anna cuideachd làn ùine ann an Colaiste a' Chaisteil mar oileanach Gàidhlig agus tha i dèanamh seo cuide ri na h-uallaichean a th' aice a thaobh croitearachd.
Tha Anna cuideachd na stiùiriche air buidheann coimhearsnachd a tha a' feuchainn ris an oighreachd ionadail fhaighinn agus a leasachadh airson croitearachd.






