
Anne
'S e Anne NicAoidh à Nis air Eilean Leòdhais, aon den luchd-briodaidh chaorach as fheàrr air an eilean. Tha Anne ag obair leatha fhèin a' coimhead as dèidh treud de cheithir fichead caora, a tha air a dhèanamh an àirde de dhubh cheannaich agus uain air am breith le rùdan Texel agus Charollais.
Tha eòlas aig Anne a tha a' dol air ais iomadach bliadhna, agus g' e bith dè na cnapan starra a tha a' nochdadh -- leithid duilgheadasan le uain gam breith no suidheachadh dona de fhiabhras-cleibhe -- 's urrainn dhi dèiligeadh le seo ceart gu leòr.
Tha an t-eòlas a th' aice a' dèanamh cinnteach gu bheil i soirbheachail aig na fèilltean àiteachais bhliadhnail agus gur i a tha a' faighinn na prìsean as motha aig na fèilltean reic gach bliadhna.






