Dòmhnall agus Calina

Dòmhnall agus Calina

Tha Dòmhnall agus Calina a' fuireach ann an Aineort air an Eilean Sgitheanach. Tha croit mhòr aca 's iad a' cumail treud mhòr de chrodh agus de chaoraich.

Ach, a bharrachd air an seo, tha ùidh aig Dòmhnall agus Calina ann an gàirnealachd agus bidh iad a' fàs farsaingeachd de phlanntraisean agus glasraichean air na croitean aca.

Tha Calina gu mòr an sàs ann an Comann Leasachaidh Gàirnealachd an t-Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. Suas chun a seo, cha robh lusan a bh' air am fàs gu h-ionadail rin ceannach air an Eilean Sgitheanach -- tha Dòmhnall agus Calina a' coimhead ris an t-suidheachadh sin atharrachadh.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS