Derek

Derek

Tha Derek MacIllinnean, a' bhean Caty agus an teaghlach a' fuireach ann an Toscaig, faisg air a' Chomraich. Chan eil a' chroit aig Derek cho traidiseanta ris an fheadhainn eile a th' anns an t-sreath – chan eil an teaghlach ag ithe feòil agus, air sgàth sin, bidh iad ag obair na talmhainn airson gun urrainn dhaibh taghadh de ghlasraichean agus lusan fhàs.

Thathas a cleachdadh seo dhaibh pèin agus thathas cuideachd gan reic gu h-ionadail gu taighean-òsta agus cocairean a tha a' fuireach faisg orra. Tha an teaghlach cuideachd an sàs ann am pròiseactan coimhearsnachd agus anns an t-sreath, tha iad a' faighinn cearcan – co-dhùnadh a tha ag adhbharachadh mòr-thubaist anns a' chiad dol a-mach.

Mac TV
Valid XHTML Strict 1.0 Sealgar logo Valid CSS