
Dòmhnall Thormoid
'S ann le Dòmhnall Thormoid Dòmhnallach a tha tac a' Chlachan ann an Uibhist a Tuath. An dràsta, tha trì fichead bò aige còmhla ri tarbh Charollais, le da cheud caora agus trichead 's a còig dìonagan.
A bharrachd air an obair a tha e a' dèanamh aig an tac, tha Dòmhnall Thormoid cuideachd ag obair aig an Taigh Spadaidh ionadail, mar gheamair, neach-cladhachaidh uaighean agus cunnradair feansaichean.
Agus, mura biodh sin gu leòr, tha an t-sreath a' leantainn an adhartais a tha Dòmhnall Thormoid a' dèanamh leis a' phròiseact as ùire air a bheil e ag obair agus e a' togail taigh-samhraidh air a' chroit aige.






